A' Fàgail an Eilein

Bhruidhinn sinn ri Mòrag Law mun nobhail aice, ‘A’ Fàgail an Eilein’ an t-seachdain seo. Seo an dàrna uair a bhruidhinn sinn rithe – bha agallamh againn mun chruinneachadh sgeulachdan goirid aice roimhe. Tha am blog sin ri lorg an-seo ma tha sibh ag iarraidh barrachd a leughadh mu dheidhinn Mòrag agus a cuid sgrìobhaidhean.


An innis sibh dhuinn beagan mu ur deidhinn fhèin an toiseach?

’S ann à Eilean Cholbhasa a tha mi fhìn bho thùs. ’S e eilean beag àlainn ann an Earra-Ghàidheal a th’ ann an Colbhasa, faisg air Ìle, agus ’s ann à Colbhasa a bha mo mhàthar agus a teaghlach. Sin far an do rugadh mise ach cha deach mo thogail ann. Bha mo phàrantan nam manaidsearan taighean-òsta a bha a’ dèanamh tòrr siubhail agus nuair a bha mi a’ fàs suas, 's mi aig ìre bun-sgoile, bha sinn a’ fuireach san Eilean Sgitheanach. Thòisich mi aig Àrd-sgoil Phort Rìgh ach an uair sin chaidh mi gu Àrd-sgoil Dhùn Omhain agus às dèidh sin gu Oilthigh Chill Rìmhinn. Dh’obraich mi mar leabharlannaiche agus nas fhaide air adhart mar thidsear bun-sgoile.

Chaidh mi dhan a’ cholaist mar inbheach airson teisteanasan Gàidhlig fhaighinn. Anns a’ chiad dol a-mach fhuair mi Àrd-ìre an luchd-ionnsachaidh, oir nuair a chaochail mo mhàthair bha mo chuid Ghàidhlig air crìonadh. An uair sin rinn mi Àrd-ìre nam fileantach agus nuair a bha na teisteanasan sin agam, dh’fhàg mi m’ obair mar thidsear bun-sgoile agus thòisich mi ag obair mar tutor Gàidhlig ann an saoghal foghlam coimhearsnachd far an do rinn mi mòran obair le luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. A bharrachd air sin bha mi a’ teagasg seinn anns a’ Ghàidhlig oir tha mi air a bhith an sàs ann an seinn ann an saoghal na Gàidhlig fad mo bheatha. A-nis tha mi nam sgrìobhadair - agus nam ghranaidh!


Seo a’ chiad nobhail agaibh, ach sgrìobh sibh leabhar le sgeulachdan-goirid roimhe, agus tha sibh air leabhar le sgrìobhaidhean ur mathar a dheasachadh. An robh e gu math eadar-dhealaichte nobhail a sgrìobhadh?

Thòisich mi ri sgrìobhadh anns a’ Ghàidhlig nuair a bha mi aig a’ bhun-sgoil anns an Eilean Sgitheanach. Fhuair mi Gàidhlig mar chuspair an-sin agus dh’ionnsaich mi Gàidhlig a leughadh ’s a sgrìobhadh. Bha mi daonnan measail air ach cha do rinn mi mòran sgrìobhaidh sa Ghàidhlig às dèidh a’ bhun-sgoil fhàgail, ged a bha ùidh agamsa ann an sgrìobhadh san fharsaingeachd fad mo bheatha.

B’ e nuair a bha mi aig a’ cholaist a thòisich mi air sgrìobhadh sa Ghàidhlig a-rithist agus chòrd e rium glan. Bha mo mhàthair air caochladh agus dh’fhàg ise cruinneachadh de dh’airtigilean sa Ghàidhlig a chaidh fhoillseachadh anns an iris ‘Gairm’. Bha mi faireachdainn gun robh seòrsa de dhleastanas ormsa an obair aicese a chur ann an clò. Mar sin, b’ e sin a’ chiad phròiseact sgrìobhaidh a bh’ agam nuair a dh’fhàg mi an colaist. Thàinig e a-mach mar leabhar dà-chànanach, ‘Dìleabh Cholbhasach/A Colonsay Legacy’ ann an 2013.

Fhad 's a bha mi ag obair air an leabhar sin, thòisich mi air sgeulachdan goirid – agus air ‘A’ Fàgail an Eilein’ cuideachd. Mar sin, bha mi a’ sgrìobhadh trì diofar seòrsa rudan aig an aon àm: neo-fhicsean – sin sgrìobhaidhean mo mhàthar, na sgeulachdan goirid agus cuideachd an nobhail. Chuir mi crìoch air leabhar mo mhàthar an toiseach. An uair sin chuir mi crìoch air na sgeulachdan goirid agus fhuair mi cothrom am foillseachadh anns an leabhar ‘Cuibhle an Fhortain’ nuair a bhuannaich mi Duais nan Sgrìobhadairean Ùra ann an 2017. Ach bha mi fhathast ag obair air an nobhail, ged a bha e tighinn am follais gun robh trioblaidean agam leis.

Tha mi a’ smaoineachadh gum b’ e buaidh nan sgeulachdan goirid a thug na duilgheadasan sin air an nobhail, a chionn ’s nach robh mi cinnteach mu dheidhinn cruth ceart a chur air nobhail an àite sgeulachdan goirid. Bha a h-uile caibideil a sgrìobh mi, an toiseach co-dhiù, nas cosail ri sgeulachd ghoirid na caibideil nobhail. Cha robh mi idir riaraichte leis , ach mu dheireadh thall fhuair mi comhairle bho Alison Lang a bha gu math cuideachail dhomh. Nas fhaide air adhart, fhuair mi comhairle bho Chatrìona Lexy Chaimbeul agus fhuair mi comhairle a bha uabhasach fhèin feumail cuideachd. Aig a cheann thall, às dèidh nan trioblaidean agus nan duilgheadasan uile, thàinig ‘A’ Fàgail an Eilein’ a-mach an-uiridh. So sin mar a bha e – pròiseas caran fada.


Cò mu dheidhinn a tha an leabhar?

Tha an nobhail mu dheidhinn Màiri, caileag dusan bliadhna a dh’aois, agus tha e stèidhichte anns na seasgadan air an Eilean Sgitheanach. Tha Màiri aig àm gu math sònraichte na beatha: tha i a’ cur crìoch air a’ bhun-sgoil, ‘s i a’ tòiseachadh aig an àrd-sgoil far a bheil i a’ fuireach ann an ostail an àite a bhith a’ dol dhachaigh a h-uile oidhche. Aig an aon àm tha i a’ dèiligeadh le trioblaidean anns an teaghlach... Chan eil mi airson cus ‘spoilers’ a thoirt a-mach!


Tha am prìomh charactar na nighean a tha a’ fàs suas anns an Eilean Sgitheanach, far a bheil a pàrantan ag obair ann an taigh-òsta. Tha eachdraidh ur beatha fhèin gu math coltach ri sin, gu dè an ìre a tha an sgeulachd fèin-eachdraidheil?

Gu ìre. Tha e stèidhichte air an eachdraidh agam fhèin ach chan eil e buileach fìor. Tha rudan ann a rinn mi suas gu tur, tha rudan ann a dh’atharraich mi agus uaireannan tha mi air rudan a chur ri chèile thairis air ùine, mar ‘telescoping time’. ’S e measgachadh den fhìrinn agus mac-meanmna a th’ ann. Tha sin follaiseach anns na sgeulachdan goirid agam cuideachd. Tha tòrr dhiubh stèidhichte air rudan a tha fìor, rudan a chunnaic mi no a chuala mi, no ’s dòcha rudan a thachair dhomhsa, agus sin an dòigh a tha mi a’ sgrìobhadh, ged nach eil dad sam bith buileach fìor.


Dè thug oirbh an leabhar seo a sgrìobhadh?

Bha dà adhbhar sònraichte ann:  bha mi airson sgrìobhadh mu àm sònraichte nam bheatha fhèin, a chionn ’s gun robh mi a’ smaoineachadh gun robh e freaggarrach gu leòr mar chuspair airson nobhail, ach a bharrachd air sin bha mi airson sgrìobhadh mu dheidhinn eachdraidh sòisealta an Eilein Sgitheanaich ann am meadhan nan seasgadan. Aig an àm, cha robh drochaid an Eilein Sgitheanaich ann fhathast, agus ann an Slèite, far an robh mise a’ fuireach, cha robh sgeul air Sir Iain Noble no Sabhal Mòr Ostaig nas motha. Bha mi airson sgrìobhadh mu dheidhinn eachdraidh shòisealta airson sealltainn mar a bha e mus tàinig leasachaidhean nan seachdadan ’s dòcha.


Tha am prìomh charactar dusan bliadhna a dh’aois mar a thuirt sibh roimhe. An ann airson clann no inbhich a tha an leabhar, air neo airson an dà chuid?

Nuair a thòisich mi air an leabhar, cha robh mi ag iarraidh leabhar gu sònraichte airson deugairean a sgrìobhadh. An uair sin, fhad ’s a bha mi ga sgrìobhadh: thàinig e a-steach orm ‘s dòcha gum biodh e gu sònraichte freagarrach do dheugairean agus gu h-àraidh do chaileagan òga. Nuair a chuir mi crìoch air, dh’atharraich mi m’ inntinn a-rithist agus tha mi a-nis den bheachd gu bheil e freagarrach an dà chuid do dh’inbhich agus do dh’òigridh.

Ged nach robh e nam inntinn nuair a thòisich mi, thàinig e a-steach orm beag air bheag gun robh mi a’ dèiligeadh ri cuspairean anns an nobhail seo nach eil a’ nochdadh gu tric ann an sgrìobhadh Gàidhlig. Cuspairean mar tòiseachadh periods agus foghlam feise. Bha mi a’ smaoineachadh gun robh cothrom ann airson sgrìobhadh mu dheidhinn agus ’s dòcha sgrìobhadh Gàidhlig a ghluasad air adhart le bhith a’ dèiligeadh ri chuspairean mar sin. 


An robh e doirbh sgrìobhadh mu dheidhinn nighean òg ann an dòigh a tha inntinneach ri leughadh dha dh’inbhich cuideachd?

Ged a b’ e nobhail airson deugairean a bha nam inntinn nuair a thòisich mi, cha tug sin buaidh idir air an dòigh anns an do sgrìobh mi e – no an stoidhle a chleachd mi. Sgrìobh mi e dìreach mar sgeul do dhuine sam bith agus tha mi a’ smaoineachadh gu bheil na rudan a chuir mi ann mu eachdraidh shòisealta an eilein agus na pìosan mu cho-chultar nan seasgadan san fharsaingeachd, a’ cuideachadh ri a dhèanamh nas fhosgailte dhan a h-uile duine.


Tha sibh ag iarraidh leabhraichean a sgrìobhadh a dh’fhaodas luchd-ionnsachaidh leughadh cuideachd. Carson a tha sin cudromach dhuibh?

'S e, gu cinnteach, buaidh mo mhàthar a bh’ ann. B’ e tutor Gàidhlig a bh’ innte agus bha ise daonnan airson daoine a thàladh dhan a’ chànan agus am brosnachadh ann an iomadach dòigh. Nuair a chaidh mise dhan a’ cholaist mar inbheach agus nuair a chunnaic mi an obair ionmholta a bha an òraidiche againn fhèin, Ishbel Mhoireach, a’ dèanamh airson luchd-ionnsachaidh a thàladh dhan a’ chànan agus bha e follaiseach dhomh dè cho cudromach ’s a bha e stuth freagarrach airson luchd-ionnsachaidh a bhith ann.

B’ ann nuair a bha mi a’ dèanamh Àrd-ìre nam fileantach a thàinig e a-steach orm dè cho gann ’s a bha stuth-leughaidh aig ìre eadar-mheadhanach, agus aig ìre adhartach cuideachd. Nuair a bha mi fhìn a’ teagasg luchd-ionnsachaidh, ‘s mi a’ teagasg aig a h-uile ìre, chunnaic mi dè cho mòr ‘s a bha am beàrn seo. Cha robh an stuth ann idir airson, gu h-àraidh, na feadhna a bha ag iarraidh adhartas a dhèanamh, gu h-àraidh ri bhith leughadh. Nuair a thòisich mi ri sgrìobhadh, chuir mi romham am beàrn sin a lìonadh.


Thuirt sibh roimhe nach robh sibh a’ smaoineachadh air cò bhiodh a’ leughadh an leabhair is sibh a’ sgrìobhadh, ach an robh agaibh ri cuimhne a chumail idir gum feumadh e a bhith furasta gu leòr airson luchd-ionnsachaidh, no an tàinig sin gu nàdarra dhuibh?

Uill, tha mise an-còmhnaidh a’ sgrìobhadh ann an dòigh shìmplidh! Cuimhnich, chan eil ceum agamsa sa Ghàidhlig – ged a tha ceum agamsa sa Bheurla. Chan eil ach Gàidhlig Àrd-ìre agamsa, agus mar sin tha mi a’ smaoineachadh gur e sin an ìre sa bheil mi a’ sgrìobhadh.

Is urrainn dhomh rudan nas duilghe a sgrìobhadh ma thogras mi agus ma tha feum air – ach tha e nas fhasa dhomhsa a bhith a’ sgrìobhadh ann an dòigh shìmplidh. Agus a chionn ’s gu bheil mi air uiread de sgeulachdan a sgrìobhadh ann an dòigh shìmplidh – agus an uair sin nobhail shlàn ann an dòigh shìmplidh – tha mi a’ smaoineachadh gur e sin an ‘trademark’ (no is dòcha an sluagh-ghairm...!) agamsa.

’S e an aon rud a tha mi fhathast a’ dèanamh gum bi mi a’ cumail sùil air an sgrìobhadh agam gus dèanamh cinnteach gu bheil na seantansan uile goirid gu leòr airson luchd-ionnsachaidh. Anns a’ Ghàidhlig tha e gu math furasta seantansan fada a sgrìobhadh, oir is sin an dòigh a tha an cànan ag obair.

Seantansan goirid agus briathrachas sìmplidh, sin sgrìobhadh Mhòrag Law!