Cuibhle an Fhortain

Thèid an leabhar ùr aig Mòrag Law a chur air bhog air an 3mh latha den Mhàirt 2020 aig An Wynd Centre ann am Pàislig!

‘S mar sin rinn sinn agallamh goirid leatha airson barrachd fhiosrachaidh fhaighinn a-mach!

Dh’ fhaighnich sinn
:
1. Innis dhuinn mu do dheidhinn fhèin.

‘ S ann à Eilean Colbhasa a tha mi bho thùs ach chaidh mo thogail anns an Eilein Sgitheanach agus ann an Dùn Omhain. Tha ceum agam ann am Beurla is Eachdraidh Ealain bho Oilthigh Chill Rìmhinn, a-bharrachd air teastanasan iar-ceumnaiche ann an leabhar-lannachd agus foghlam bun-sgoile bho Oilthigh Srathchluaidh. Dh’obraich mi mar leabhar-lannaiche sgoile, tutair “Adult Literacy” agus tidsear bun-sgoil. Bha mi an-sàs ann am foghlaim coimhnearsnachd mar tutair luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig (an dà chuid cànan is ceòl) airson mòran bliadhnaichean. 

Bhuannaich mi Duais nan Sgrìobhadairean Ùra airson sgeulachdan ghoirid ann an 2017 far an d’ fhuair mi mentorachd luachmhor bho Mhàrtainn Mac an T-Saoir.

 

2. An robh thu fileanta ‘ s a Ghàidhlig bho thùs?

Tha mi fileanta ‘ s a Ghàidhlig bho thùs. Bha Gàidhlig Cholbhasach aig mo       mhàthair agus b’ e neach-ionnsachaidh gu math dìoghrasach a bha m’ athair! Bha mo phàrantan nam manaidsearan taighean-òsda agus bha Gàidhlig aig mòran den luchd-obraich – mar sin bha mi gam chuairteachadh leatha fhad ‘ s a bha mi a’ fàs suas. 

Nuair a bha mi a’ fuireach anns an Eilein Sgitheanach fhuair mi Gàidhlig mar chuspair aig a bhun-sgoil anns an Eilean Iarmain agus aig Bun Sgoil MhicDhiarmaid. Thòisich mi ri sgrìobhadh innte aig an àm sin cuideachd ged nach d’ fhuair mi teisteanasan aig àrd-ìre gus an deach mi gu colaisde mar inbheach.

 

3. Dè tha an leabhar ùr agad mu dheidhinn?

‘ S e cruinneachadh ceithir-deug sgeulachdan ghoirid a th’ ann an “Cuibhle an Fhortain” ‘ s buinteanas aca uile ri buaidh An Dàin . Tha iomadach suidheachadh ri fhaighinn nam measg - a’ gabhail a-steach fàsaichean Astràilia, taigheadas sean dhaoine, Casino anns a’ bhaile mhòr, croit no cafaidh beag. Tha caochladh charactaran a’ feuchainn ri cothachadh leis na dùbhlanan a tha An Dàn a’ tilgeil nan rathad agus gu tric bidh na sgeulachdan gar fàgail le ceistean mun àm ri teachd. Bi iad uile a cuir cuideam air dè cho caochlaideach is mi-chinnteach ‘ s a tha beatha mac an duine ‘ s gun fhios aig duine againn dè tha air thoiseach oirnn.

 

4. Carson a sgrìobh thu e?

Chaidh a’ chiad sgeulachd ‘ s a chruinneachadh a’ sgrìobhadh ann an 2004 as dèidh dhomh Gàidhlig aig Àrd Ìre fhaighinn. Aig an aon àm bha mi trang ag obair air eadar-theangachadh is deasachadh a’ dhèanamh air sgrìobhaidhean Ghàidhlig mo mhàthair a chaidh fhoillseachadh mar leabhar dà-chànanach “Dìleab Cholbhasach/A Colonsay Legacy” le Acair ann an 2013. Mar sin cha do chuir mi crìoch air a’ chruinneachadh slàn gus 2019. Tha an stoidhle agam sìmplidh, siùbhlach agus dìreach agus  o chionns gu bheil ceanglaichean sònraichte agam le luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig tha mi làn dòchais gum bi na sgeulachdan uile fosgailte agus freagarrach dhaibhsan.

 

5. An do chòrd e riut?

Tha sgrìobhadh a’ còrdadh rium gu ìre mhòr ged a tha tòrr obair an luib agus bi mi a’ cuir seachad mòran ùine air a h-uile pìos.

 

6. A bheil comhairle sam bith agad do dhaoine a tha airson a bhith a’ tòiseachadh sgrìobhadh ‘ s a Ghàidhlig?

Toisich! Dèan e . Na bi teagmhach – bi misneachail is treun!Na bi diùid a-thaobh taic a’ sireadh oir tha còmhairle fìor mhath ri fhaotainn airson sgrìobhadh san fharsaingeachd air làrach lìon an Scottish Books Trust agus tha Comhairle nan Leabhraichean daonnan gu math taiceal cuideachd. Bi na dithis bhuidheann sin a’ cuir farpais air dòigh a h-uile mìos airson sgeulachd leth-cheud facail a’ chruthachadh  (an dà chuid Gàidhlig is Beurla). Saoilidh mi gur e cothrom math a tha sin airson sgilean sgrìobhaidh leasachadh. Agus - na diochuimhnich dè cho cudtromach ‘ s a tha leughadh airson sgilean sgrìobhaidh neartachadh – feuch agus leugh a h-uile facal Ghàidhlig a tha a’ nochdadh ann an clò!

IMG_1931.jpeg
Gavin MacDougall