Mòrag Law

credit Rob McDougall portrait.jpg

‘S ann à Eilean Cholbhasa ‘ s a tha Mòrag Law bho thùs ach chaidh a togail anns an Eilean Sgitheanach agus ann an Dùn Omhainn. Tha i a’ fuireach ann an Siorrachd Rinfrìu a-nis. Ged a tha Gàidhlig aice bho thùs, cha do thòisich i ri sgrìobhadh innte gus an d’ fhuair i teastanasan Gàidhlig aig Àrd Ìre, mar inbheach. Choisinn i Duais nan Sgrìobhadairean Ùra (CnL/SBT) ann an 2017 far an d’ fhuair i mentorachd bho Mhàrtainn Mac An t-Saor. 

Dheasaich agus dh’ eadar-theangaich i cruinneachadh de sgrìobhaidhean a màthair airson an leabhar dà-chànanach Dìleab Cholbhasach/A Colonsay Legacy (Acair, 2013). 

Tha airteagalan,sgeulachdan agus neo-ficsean aithriseal aice air nochdadh anns na h-irisean Cothrom agus SteallNorthwords Now/Tuath agus anns na cruinneachaidhean Nourish/Beathachadh (SBT, 2017) agus New Writing vol 9(SBT,2018). Chaidh sgeulachd ghoirid aice craoladh air Podcast Gàidhlig A’ Chrannag o chionn ghoirid.

Tha ùidh shònraichte aice ann a bhith a’ cruthachadh sgrìobhadh a bhitheas freagarrach is fosgailte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.

Originally from the Isle of Colonsay, Mòrag Law was brought up on the Isle of Skye and in Dunoon and now lives in Renfrewshire. A native Gaelic speaker, she began writing in Gaelic after gaining Higher Grade qualifications as a mature student. In 2017 she won a Gaelic New Writers’ Award (Gaelic Books Council/Scottish Books Trust ) where she was mentored by Martin MacIntyre.

She has edited and translated a bi-lingual collection of her late mother’s writings (Dìleab Cholbhasach/A Colonsay Legacy, Acair 2013) and has had articles, short stories and narrative non-fiction published in Cothrom and Steall magazines,Northwords Now/Tuath and the anthologies Nourish/Beathachadh (Scottish Book Trust 2017) and New Writing vol 9 (Scottish Book Trust 2018). One of her short stories has recently been featured in the Gaelic podcast A’ Chrannag.

Mòrag has a particular interest in producing work that is accessible to Gaelic learners. 


Books by this author