Blog an Earraich

Leis gu bheil sinn air a bhith a’ mothachadh gur e an t-Earrach a th’ ann leis an deagh shìde a bh’ againn an t-seachdain sa chaidh agus a’ Chàisg a bha ann, dh’fhaighnich mi dha Aonghas Pàdraig Caimbeul agus Alistair Paul dè an dàn earraich as fheàrr leotha agus dè tha fa near dhaibh aig an àm seo den bhliadhna. Gheibh sibh dàn a sgrìobh Alistair Paul fhèin cuideachd.

 

Aonghas Pàdraig Caimbeul

Ùghdar Chonstabal Murdo, Electricity, a thàinig a-mach am mìos sa chaidh, An Nighean air an Aiseag, agus iomadh leabhar eile

1.       Dè an dàn a tha ceangailte ris an earraich as fheàrr leibh?

Seo an dàn Càisg' (Earraich?) as fheàrr leam:

 

Good Friday, 1613. Riding Westward  le John Donne

Let man's soul be a sphere, and then, in this,
Th’ intelligence that moves, devotion is,
And as the other spheres, by being grown
Subject to foreign motion, lose their own,
And being by others hurried every day,
Scarce in a year their natural form obey;
Pleasure or business, so, our souls admit
For their first mover, and are whirled by it.
Hence is't, that I am carried towards the west,
This day, when my soul's form bends to the East.
There I should see a sun, by rising set,
And by that setting endless day beget.
But that Christ on His cross did rise and fall,
Sin had eternally benighted all.
Yet dare I almost be glad, I do not see
That spectacle of too much weight for me.
Who sees Gods face, that is self-life, must die;
What a death were it then to see God die?
It made His own lieutenant, Nature, shrink,
It made His footstool crack, and the sun wink.
Could I behold those hands, which span the poles
And tune all spheres at once, pierced with those holes?
Could I behold that endless height, which is
Zenith to us and our antipodes,
Humbled below us? or that blood, which is
The seat of all our souls, if not of His,
Made dirt of dust, or that flesh which was worn
By God for His apparel, ragged and torn ?
If on these things I durst not look, durst I
On His miserable mother cast mine eye,
Who was God's partner here, and furnished thus
Half of that sacrifice which ransomed us ?
Though these things as I ride be from mine eye,
They're present yet unto my memory,
For that looks towards them ; and Thou look'st towards me,
O Saviour, as Thou hang'st upon the tree.
I turn my back to thee but to receive
Corrections till Thy mercies bid Thee leave.
O think me worth Thine anger, punish me,
Burn off my rust, and my deformity ;
Restore Thine image, so much, by Thy grace,
That Thou mayst know me, and I'll turn my face.

 

2.       A bheil loidhnichean às ur saothair fhèin ceangailte ris an earraich as toil leibh gu mòr?

Chan eil sìon agam fhìn a mholainn.

 

3.       Dè tha fa-near dhuibh as t-earrach seo a thaobh sgrìobhadh no san fharsaingeachd?

Bha mi dìreach còmhla leis an teaghlach aig a' Chaisg: aig geama iomain Dihaoine agus Disathairne: Sasainn v Alba!

 

Alistair Paul

Ùghdar Fir an Diùraidh, a thàinig a-mach sa Ghearran, agus Linne Dhomhain

1.       Dè an dàn a tha ceangailte ris an earraich as fheàrr leibh?

'S e 'An t-Earrach' le Eòghann MacLachlainn a th’ ann, a chuireas an cèill gu geur-sheallach na diofair nithean a shamhlaicheas an t-earrach. Tha farsaingeachd briathrachais an lùib an dàin a tha dìreach iongantach 's e air a chleachdadh ann an dòigh ealanta, brìoghmhor.

Seo agaibh aon rann dhen dàn. (Tha 25 rannan san dàn uile gu lèir!)

 

Sgeadaichear na lòin 's na blàir
  Fo chòmhdach àlainn lusan meanbh;
Sgaoilidh iad a-mach ri grèin
   An duilleach fhèin fo mhìle dealbh -
Gu gibeach caisreagach fo'm blàth
  Le'n daithibh àillidh, fann gheal, dearg,
Bileach, mealach, moath-bhog, ùr,
   Luirgneach, sùghmhor, driùchdach, gorm.

2.       A bheil loidhnichean às ur saothair fhèin ceangailte ris an earraich as toil leibh gu mòr?

Seo dàn a rinn mi fhèin

Imrich a' Choilich-Chuthaige

Chualar leis crònan caochladh nan ràithe
A chuireadh an-fhuras an aigne is chridhe
A chlaisneachd ri teachdaireachd chagairte
Air a giùlain air dìobairteach gaoithe

Rach mu thuath a laochain! Rach mu thuath!

Air iomain le ortha a shinnsearan
Buailte le mìle mìle sgiath tron speur
Leanaidh e bras-shruth an òrain
Gu ruige Tir-Tàirngire an duain

Rach mu thuath a laochain! Rach mu thuath!

Às ùr e, an uchd a chatha bhliadhnail
A chuir gu siubhal e, leth an t-saoghail
Bu daor a cheannachd gach buille sgèithe
A stiùireadh an ceatharnach air a shlighe

Rach mu thuath a laochain! Rach mu thuath!

E am muinghin luain gaoithe is sìne
Fhad 's bu chuimhne leis b' e sin a dhàn
Bàrr druim a' chuain, thar nam mòr-thìr
An toir soineann bheirear mu thuath e

Rach mu thuath a laochain! Rach mu thuath!

Cluinnear mu thuath a sheirm leantaileach
Dian-ghairm do bhlàths ri teachd; ach
Mus faigh samhradh air suidheachadh
Cuiridh soirbheas na chluais sanas

Rach mu dheas a laochain! Rach mu dheas!

 

3.       Dè tha fa-near dhuibh as t-earrach seo a thaobh sgrìobhadh no san fharsaingeachd?

Tha mi seachad air letheach slighe tro bhith a' sgrìobhadh na ciad nobhail agam agus, ged a tha fadachd orm crìoch a chur air, 's e an t-earrach an ràith as trainge dhomh mar ghàirnealair. Ge b' oil leam feumaidh mi am Magnum Opus a chur dhan darna taobh fad greis!

Mòran taing dhan dithis ùghdar airson innse dè na dàin as fheàrr leotha agus airson an dàin àlainn a sgrìobh Alistair Paul fhèin!