Là Abairt na Gàidhlig

Say a Gaelic Phrase Day today!

Dh’fhaighnich sinn gu na h-ùghdaran againn dè an abairt Gàidhlig as fheàrr leotha! Seo iad!

We asked our authors what their favourite Gaelic phrase was! Here they are!

Uh, uh. Shen e, nise. Dè mu dheidhinn deagh chupa tì?


(Agus bidh a chiad dà osnadh (uh, uh) air an ‘g ràdh le anail air a tharraing a-steach!)
— Aonghas Pàdraig Caimbeul
Dè nach gabh a radh
— Johan NicDhòmhnaill
Nan dèanadh còmhradh e..
— Johan NicDhòmhnaill
Bu dual do dh’isean an ròin a dhol chun na mara
— Graham Cooper

Thuirt Graham: Tha cuimhne agam air a' chiad uair a leugh mi an abairt seo. Tha i a' nochdadh aig toiseach pìos a sgrìobh an t-Urramach Coinneach MacLeòid – 'Duatharachd na Mara' anns an leabhar Sgrìobhaidhean Choinnich MhicLeòid deasaichte le Thomas Moffat Murchison (Scottish Gaelic Texts Society, Edinburgh 1988). Abair deagh leabhar! Tha mi air a leughadh còrr is uair.

Tha grunn abairtean ann leis an aon chiall ach tha an tè seo air leth tarraingeach. Chanainn-sa gu bheil i fìor nam fhiosrachadh fhèin – ann an dòighean an dà chuid math agus dona

Beò an dòchas
— Alison Lang
Tha buaidh Covid-19 garbh air fad ach tha mi’n dòchas gum bi piseach a’ tighinn air an geartair
— Mòrag Law

Seantans a’ cleachdadh abairtean gasta à dualchainntean diofraichte! 

“garbh air fad” – airson rud no cùisean a bha uabhasach dona. Chuala Mòrag seo tric a’ fàs suas anns an Eilean Sgitheanach

“an geartair” – a’ ciallachadh “aig a’ cheart àm” no “ann an ùine glè ghoirid”. Bidh muinntir Cholbhasa a’ cleachadh seo! 

Gavin MacDougall