FICSEAN ÙR 2024

FICSEAN ÙR 2024

Tha Luath Press air a bhith a’ foillseachadh ficsean Gàidhlig fon ainm FICSEAN LUATH airson cha mhòr còig bliadhna a-nis. Tha an sreath ùr seo a’ dol bho neart gu neart.

Tha Luath toilichte cuireadh a thoirt do sgrìobhadairean ficsein ann an Gàidhlig na h-Alba: nobhailean, neo molaidhean air nobhailean, a chur a-steach airson foillseachadh ann an 2024 air adhart. Beachdaichidh sinn air cruinneachaidhean de sgeulachdan goirid Gàidhlig cuideachd. Ma tha thu nad ùghdar le nobhail Gàidhlig do dh’inbhich (30,000 facal de dh’fhaid aig a’ char as giorra agus 100,000 facal aig a’ char as fhaide), bhitheamaid toilichte cluinntinn bhuat!

Tha sinn ag amas air co-dhiù 2 nobhail Ghàidhlig fhoillseachadh a h-uile bliadhna.

Cuideachd, mura h-eil an nobhail/cruinneachadh sgeulachdan Gàidhlig agad deiseil fhathast, bhitheamaid airson cluinntinn bhuat cuideachd. Cuir thugainn na th’ agad!

Cuir fios thugainn aig an t-seòladh-d gu h-ìosal ro 31 am Màrt 2023.

Thèid gach tagradh a chumail dìomhair. Bi mothachail: chan urrainn dhuinn gealltanas a thoirt dhut gun tèid d’ obair fhoillseachadh, agus tha am prògram foillseachaidh againn airson nobhailean Gàidhlig cuingealaichte gu 2-3 nobhail gach bliadhna. Mura tèid gabhail ri do thagradh, gu mì-fhortanach, chan urrainn dhuinn a dhol an sàs ann an deasbaireachd.

NEO gu Oifis Luath (faighnich airson Gavin MacDougall – Beurla a mhàin): 0131 225 4326

Pròiseact FICSEAN LUATH ann an co-bhonn ri Comhairle nan Leabhraichean.

Gavin MacDougall