A’ bhanachdach agus Dà Shamhradh ann an Raineach

Tha am facal "vaccine" air nochdadh ann an sreathan-cinn nam pàipearan o chionn ghoirid - thathar an dòchas gum bi "vaccine", a' bhanachdach, ann an aghaidh covid-19 ann an ùine nach bi fada.

 

Anns an nobhail "Dà Shamhradh ann an Raineach", tha deasbad ann air cuspair a bha connspaideach ann an 1767 - am bu chòir do lighichean a bhith a' cleachdadh "inoculation" chum casg a chur air a' bhric? Aig an àm, bha a' bhreac marbhtach, gu sònraichte don chloinn. Bha ùidh mhòr anns an opairèisean bheag "inoculation" - bhiodhte a' cur stuth à bolg mu sgreab air duine a bha a' fàs na b' fheàrr an dèidh na brice ann an gearraidhean beaga air craiceann pàiste fhallain. Bha cunnartan ann, mar a thuigeadh tu.

 

Nuair a bha mi a' rannsachadh an leabhair, ghlac rudeigin a sgrìobh David Hamiton m' aire ("The Healers. A History of Medicine in Scotland" (Canongate, 1981)). Sgrìobh e gun robh freumhan fada aig "inoculation" ann am beul-aithris na h-Alba. Mar eisimplier, bhiodhte a' creidsinn gun dìonadh snàithlean bogte ann an lionn à bolg na brice pàiste an aghaidh an tinneis anns an àm ri teachd (bha an snàithlean air a cheangal timcheall caol an dùirn). Cha robh càil a dh'fhios aca ciamar a dh'obraicheadh e. 

 

Dh'fhoillsich Edward Jenner an rannsachadh aige air "cowpox", breac a' chruidh, ann an 1798. Turas eile, bha freumhan a' ghnothaich ann am beul-aithris - cha robh na banaraichean builteach ris a' bhreac a ghabhail idir. Cha b' fhada gus an d' fhuaradh a-mach gun robh "vaccination" (bhon Laideann: vacca - bò) na bu shàbhailte na "inoculation" - ach lean daoine orra le "inoculation" airson mòran bhliadhnachan. 

 

Ann an 1979, 181 bliadhna an dèidh aithris Jenner, chuir Buidheann Slàinte na Cruinne (WHO) an cèill gun robh a' bhreac air dol a dhìth.

 

 

IMG_3649.jpeg
Gavin MacDougall