100 Dàn as Fheàrr Leinn

Dè an dàin as fheàrr leatsa?

Thèid leabhar ùr, 100 Dàn as Fheàrr Leinn, fhoillseachadh am bliadhna (2020). Air an deasachadh le Pàdraig MacAoidh agus Jo NicDhòmhaill, bidh an leabhar a’ toirt ri chèile measgachadh farsaing de bhàrdachd Ghàidhlig air a bheil daoine measail, ag aithneachadh iomadh seòrsa dàn. Nam measg, bidh dàin chloinne, òrain, bàrdachd de gach seòrsa, saoghalta agus cràbhaidh, sean agus ùr. Tha iad airson feuchainn ri dèanamh cinnteach gum bi bàird agus bana-bhàird air an riochdachadh, gu faigh iad blas de bhàrdachd tro na linntean agus à faraaingeachd de sgìrean. Le saorsa a dhol bho ‘Hallaig’ gu ‘Tha chuthag is gug-gùg aice’, ‘Alasdair à Gleanna Garadh’ gu And Ubhal as Àirde’, bidh iad a’ sireadh measgachadh de sheann eòlaich agus dàin a tha ‘s dòcha beagan nas annasaiche.

Tha iad a’ sireadh bheachdan bhuat mu dè bu choir a bhith anns an leabhar. Dè na dàin agus na h-òrain as fhèarr leatsa?

Abair ceist! Tha grunn dàin Gàidhlig ann air an sgrìobhadh le iomadach bhàird tàlantach, tha e do-dhèanta dìreach aon a thaghadh! Ach, tòisicheam le aon bho chruinneachdaidhean Shomhairle MhicGilleEathain. Cò eile?! Bhiodh e doirbh tighinn gu co-dhùnadh gun a bhith a toirt cunntas air a bhàrd ionmholta e fhèin.

‘S e an dàn aige An Roghainn aon fhear a tha iongantach dhomhsa. Tha e a’ dèiligeadh ri cuspairean gaoil agus cogaidh agus a foillseachadh an roghainn a bh’ ann eadar a bhith fuireach còmhla ris a bhoireannach seo agus a dhol a shabaid. Chithear aon rann bhuaithe gu h-ìosal.

Bhac mi ‘n cridhe bha ‘g èirigh
‘nam bhroilleach reubte luath
is thubhairt mi: tha mi cinnteach;
carson bu bhreug e bhuam?
— Somhairle MacGilleEathain
Adjustments.jpeg

Saoilidh mi gu bheil beachdan mùthalach agaibh fhèin ge-tà, feuch an roinn thu do bheachdan!

Cuir do roighainn gu 100dan@luath.co.uk ro 29mh Gearran 2020 agus dh’ fhaodadh tu £100 de leabhraichean a bhuinnig bho Chomhairle nan Leabhraichean.

“Thig crìoch air an t-saoghal, ach mairidh gaol is ceòl”.

Gavin MacDougall