Peter MacKay

Peter Publicity.jpg

'S ann à Leòdhas a tha Pàdraig MacAoidh bho thùs ach tha e air fuireachd ann an diofair àitichean rè a bheatha. Fhuair e an MA aige bho Oilthigh Ghlaschu agus thug e a-mach ollamhachd aig Colaiste na Trianaide Baile Àtha Cliath. Tha e air obrachadh do dh'Ionad Bàrdachd Sheumais Heaney, Oilthigh na Banrighinn Beul Feirste, Colaiste na Trianaide Baile Àtha Cliath, Colaiste Oilthigh Baile Àtha Cliath agus Sabhal Mòr Ostaig, far an robh e na sgrìobhaiche air mhuinntearas. Bha e ag obair cuideachd mar neach-naidheachd airson a' BhBC, agus tha e air sgrìobhadh do dhiofar phrògraman aithriseach airson telebhisean agus rèidio, a' nochdadh ann an cuid dhiubh. 

Tha Pàdraig air iomadh phàipear agus leabhar fhoillseachadh mu nua-bhàrdachd, gu h-àraidh mu bhàrdachd na h-Alba agus na h-Èireann. Bha an ollamhachd aige stèidhichte air buaidh Uilleim Wordsworth air Seumas Heaney. San latha an-diugh, bidh e a' teagasg ann an roinn na Beurla aig Oilthigh Chill Rìmhinn.

 

Originally from the Isle of Lewis, Peter Mackay has an MA from Glasgow University and a PhD from Trinity College, Dublin. He has worked at the Seamus Heaney Centre for Poetry, Queen’s University Belfast, Trinity College Dublin, University College Dublin and Sabhal Mòr Ostaig, where he was writer in residence. He has also worked as a Broadcast Journalist and television news producer for the BBC, and written or appeared in various documentaries on radio and television.

Peter has published widely on contemporary poetry, particularly Irish and Scottish poetry. His PhD was on the influence of William Wordsworth on Seamus Heaney. He teaches in the School of English at the University of St Andrews.


Books by this author