Filtering by: Gaelic Events

Constabal Murdo: Aonghas Pàdraig Caimbeul le Derek 'Pluto' Moireach
Oct
17
3:00 pm15:00

Constabal Murdo: Aonghas Pàdraig Caimbeul le Derek 'Pluto' Moireach

Thèid fear de na ciad leabhraichean eucoir Gàidhlig, Constabal Murdo le Aonghas Pàdraig Caimbeul, a chur air bhog aig tachartas mar phàirt de Mhòd Dhùn Obhainn. Anns a' chathair, bidh fear a tha gu math eòlach air 'whodunits', sàr-chraoladair Derek 'Pluto' Murray a bha na phoileas fad bhliadhnaichean mòra ann an Srath Chluaidh. Chan eil teagamh ann gum bi tòrr spòrs agus sùsbaint sa chòmhradh eadarra.

Tha an sgeulachd a' leantainn Constabal Murdo - Leòdhasach a' fuireach ann am Barraigh - 's e air tòir nam mèirleach a ghoid bràist eachdraidheil bho Chaisteal Chiosmuil. Fàsaidh rudan nas inntinniche buileach nuair a thig dithis phoileas àrdanach bhon tìr mhòr gus cuideachadh a thoirt do Mhurdo leis a’ chùis. Tha sgrìobhadh a’ Chaimbeulaich siùbhlach is furasta ri leantainn. Gheibhear tòrr àbhachd san leabhar seo ach a’ cheart àm bheirear sùil air cuspairean inntinneach mar choimhearsnachd, eachdraidh is leas-breith. 

Tha an cur air bhog saor an asgaidh!

Ma tha thu aig a' Mhòd am-bliadhna, feuch gun tadhail thu a-steach air cur air bhog leabhar eucoir Gàidhlig a dh'fheumar leughadh sa bhad! 

 

 

View Event →
Samhradh ’78: Màrtainn Mac an t-Saoir le Gillebrìde MacIlleMhaoil
Oct
16
6:30 pm18:30

Samhradh ’78: Màrtainn Mac an t-Saoir le Gillebrìde MacIlleMhaoil

Join us for the free to attend, Edinburgh launch of Samhradh '78 (Summer of '78), a new Gaelic language novel by Martin Macintyre. The event will be chaired by none other than Gaelic singer and star of the programme Outlander, Gillebride MacMillan, who will sing a song or two. Held in both Gaelic and English, this launch will be accessible for non Gaelic speakers and those who have just started learning! 

'S E CUR AIR BHOG AN TÌR-MHÒIR a tha seo don leabhar ùr aig Màrtain Mac an t-Saoir, Samhradh '78. Chaidh a chur air bhog a chumail ann an Uibhist a Deas (far a bheil an leabhar stèidhichte) san Iuchar aig tachartas air leth soirbheachail, ach tha sinn cuideachd 's gum faigh luchd-èisteachd Dhùn Èideann cothrom cluinntinn mun nobhail beò-ghlacmhor seo. Sa chathair bidh sàr-sheineadair, cleasaiche 'Outlander' agus Uibhisteach, Gillebrìde MacIlleMhaoil, agus 's cinnteach gun gabh e òran no dhà dhuinn aig deireadh an tachartais!

Leanaidh an nobhail beatha dithis, Cailean Quinn agus bràthair a mhàthar, an Dr Ruairidh MacGillÌosa rè làithean an t-samhraidh a thug iad còmhla an Uibhist a Deas o chionn 40 bliadhna, fhad ’s a bha sùilean an t-saoghail air Alba sna chuairtean deireannach aig Cupa na Cruinne san Argantain (b’ iad na làithean!). San leabhar, gheibhear seallaidhean làidir, beòthail air beatha muinntir an eilein aig an àm a thaobh slàinte nuair a choinnicheas Ruairidh riutha na dhreuchd mar dhotair agus gu cultarach is e fhèin is Cailean a' rannsachadh beartas am beul-aithris. Mar a thèid an sgeulachd air adhart, chithear mar a thug na dh’fhiosraich an dithis dhuine rè an t-samhraidh ud, buaidh mhòr orra.

Tha an cur air bhog saor an asgaidh, feuch nach caill sibh a-mach!

Admission is free and all are welcome. To book your ticket, please visit the Blackwell’s events page.

View Event →