Back to All Events

Constabal Murdo: Aonghas Pàdraig Caimbeul le Derek 'Pluto' Moireach

  • Queens Hall Dunoon PA23 7HH (map)

Thèid fear de na ciad leabhraichean eucoir Gàidhlig, Constabal Murdo le Aonghas Pàdraig Caimbeul, a chur air bhog aig tachartas mar phàirt de Mhòd Dhùn Obhainn. Anns a' chathair, bidh fear a tha gu math eòlach air 'whodunits', sàr-chraoladair Derek 'Pluto' Murray a bha na phoileas fad bhliadhnaichean mòra ann an Srath Chluaidh. Chan eil teagamh ann gum bi tòrr spòrs agus sùsbaint sa chòmhradh eadarra.

Tha an sgeulachd a' leantainn Constabal Murdo - Leòdhasach a' fuireach ann am Barraigh - 's e air tòir nam mèirleach a ghoid bràist eachdraidheil bho Chaisteal Chiosmuil. Fàsaidh rudan nas inntinniche buileach nuair a thig dithis phoileas àrdanach bhon tìr mhòr gus cuideachadh a thoirt do Mhurdo leis a’ chùis. Tha sgrìobhadh a’ Chaimbeulaich siùbhlach is furasta ri leantainn. Gheibhear tòrr àbhachd san leabhar seo ach a’ cheart àm bheirear sùil air cuspairean inntinneach mar choimhearsnachd, eachdraidh is leas-breith. 

Tha an cur air bhog saor an asgaidh!

Ma tha thu aig a' Mhòd am-bliadhna, feuch gun tadhail thu a-steach air cur air bhog leabhar eucoir Gàidhlig a dh'fheumar leughadh sa bhad! 

 

 

Earlier Event: October 16
Dove Tales: Lament for Palestine
Later Event: October 18
Imprint Book Festival: Gerda Stevenson