David Eyre

David Eyre 020217 crop.jpg

Rugadh Daibhidh Eyre ann an Siorrachd Lannraig a Tuath ann an 1972. Thòisich e air Gàidhlig ionnsachadh aig Oilthigh Dhùn Èideann. Tha e air a bhith a' fuireachd ann an Glaschu airson a' mhòr-chuid de a bheatha, ag obair sna meadhanan, ach a-nise bidh e a' fuireachd san Leargaidh.

Tha cuid de na dàin aige air nochdadh ann am Poetry Scotland, Irish Pages, Northwards Now, An Guth agus Gutter agus ann an cruinneachaidhean leithid New Writing Scotland, The Harbour agus Windows on Burns Night 2012. Ann an 2013, fhuair an dàn aige 'Lucozade' air a' ghearr-liosta airson co-fharpais na bàrdachd Ghàidhlig agus Ghaeilge, Comórtas Filíochta an Choirnéil Eoghain Uí Néill.

Bha e na sgrìobhaiche air mhuinntireas aig Fèis Bàrdachd StAnsa 2018, le taic bho Urras Edwin Mòrgan.

Bidh e a' sgrìobhadh rosg cuideachd: ann an 2015, dh'fhoillsicheadh a' chiad nobhail aige 'Glainne' le Sandstone Press, agus chaidh 'Cailèideascop' fhoillseachadh ann an 2017 le Luath Press.

 

David Eyre was born in North Lanarkshire in 1972. He started learning Gaelic at Edinburgh University. For most of his life, he has lived in Glasgow, working in the news and media, but now lives in Largs in North Ayrshire.

Some of his poems have appeared in Poetry Scotland, Irish Pages, Northwords Now, An Guth, and Gutter, as well as the collections New Writing Scotland, The Harbour, and Windows on Burns Night 2012. In 2013, his poem ‘Lucozade’ was shortlisted for the Irish/Gaelic poetry competition, Comórtas Filíochta an Choirnéil Eoghain Uí Néill.

He was the Poet in Residence for the StAnza Poetry Festival 2018, with support from The Edwin Morgan Trust.

He also writes prose: in 2015, his first short novel ‘Glainne’ was published by Sandstone Press, and ‘Cailèideascop’ was published in 2017 by Luath Press.


Books by this this author